Patient Advice and Support Service

Patient Advice and Support Service (PASS) is a new independent service which provides free, accessible and confidential advice and support to patients, their carers and families about NHS health care.

In particular the Service will promote an awareness and understanding of the rights and responsibilities of patients and will advise and support people to give feedback, make comments, raise concerns or make a complaint about treatment and care provided by the NHS in Scotland.

What does the service do?

The Patient Advice and Support Service will:

  • help you understand your rights and responsibilities as patients
  • provide you with information, advice and support if you wish to give feedback or comments, or raise concerns or complaints, about health care delivered by NHSScotland
  • provide practical help with making a complaint, which may include preparing letters, making phone calls and supporting you in preparing for and attending meetings
  • work with the NHS to use feedback to improve the patient experience and improve NHS service provision

The Patient Advice and Support Service is provided by the Scottish Citizens Advice Bureaux Service and can be accessed from any of the 81 bureaux and 250 bureaux outreach throughout Scotland.

You can find out more about the service on the Scottish Citizens Advice Bureaux Service website.

You can access the service via your local Citizens Advice Bureau. You can find contact details of your nearest bureau at www.cas.org.uk .

Seirbheis Comhairleachaidh is Taice do dh’Euslaintich

’S e a th’ anns an t-Seirbheis Chomhairleachaidh is Taice do dh’Euslaintich (SCTE) seirbheis ùr neo-eisimeileach a tha a’ toirt comhairle is taic an-asgaidh agus gu dìomhair do dh’euslaintich, an luchd-cùraim agus an teaghlaichean mu chùram-slàinte an NHS.

Bidh an t-Seirbheis gu h-àraidh a’ dèanamh follaiseach dè na còraichean a th’ aig agus dè na dleastanasan a th’ air euslaintich agus bidh iad a’ brosnachadh tuigse am measg dhaoine air na còraichean is dleastanasan sin, agus bheir an t-Seirbheis comhairle is taic do dhaoine a thaobh a bhith a’ toirt bheachdan seachad, no a’ togail dhraghan no ghearanan mu na seirbheisean leighis is cùraim a bheir an NHS seachad ann an Alba.

Dè nì an t-seirbheis?

Nì an t-Seirbheis Comhairleachaidh is Taice do dh’Euslaintich na leanas:

  • cuidichidh iad le bhith a’ toirt tuigse dhuibh air na còraichean agaibh agus na dleastanasan a th’ oirbh mar euslaintich
     
  • bheir iad fiosrachadh, comhairle agus taic dhuibh ma tha sibh airson beachdan a thoirt seachad, no draghan no gearanan a thogail, mun chùram-slàinte a tha NHS Alba a’ toirt seachad
     
  • bheir iad taic phractaigeach dhuibh gus gearan a dhèanamh, mar eisimpleir, le bhith ag ullachadh litir, a’ fònadh agus bheir iad taic dhuibh gus ullachadh airson choinneamhan agus frithealadh orra
     
  • obraichidh iad còmhla ris an NHS gus feum a dhèanamh de na beachdan a gheibhear feuch an tig piseach air an tseirbheis a gheibh euslaintich agus na seirbheisean a bheir an NHS seachad

’S iad Seirbheis Biùro Comhairleachaidh Poball na h-Alba a tha a’ toirt seachad na Seirbheis Comhairleachaidh is Taice do dh’Euslaintich agus gheibhear an t-seirbheis bho gin de na 81 biùrothan no tro na 250 seirbheisean coimhearsnachd *aig a’ Bhiùro air feadh Alba.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbheis aig làrach-lìn Seirbheis Biùro Comhairleachaidh Poball na h-Alba.

Gheibh sibh fios mun t-seirbheis bhon Bhiùro Chomhairleachaidh ionadail agaibh. Gheibh sibh fios mun bhiùro as fhaisge oirbh aig www.cas.org.uk .